Leisgeul mu bhàs eusaintich san Eilean Sgitheanach

Tha NHS na Gàidhealtachd air leisgeul a thabhainn airson laigsean sa chùram a fhuair seann euslainteach a fhuair bàs aig Ospadal Chuimhneachain MhicFhionnghain san Eilean Sgitheanach.

Chaidh an euslainteach, a bha 92, a thoirt a-steach don ospadal air 31mh am Màrt 2010, agus fhuair e bàs beagan làithean às dèidh sin, ri linn trioblaidean co-cheangailte ri teannachadh na chaolan.

Fhuair rannsachadh gun do dh'fhailich air luchd-cùraim aithneachadh gun robh atharrachadh air tighinn air a shuidheachadh, agus nach do dh'innis iad dha no do a theaghlach na bha a' tachairt.

Thuirt Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtchd, Elaine Mead, gun robh i airson leisgeul a thabhainn, gu poblach, às leth Bhòrd na Slàinte, airson nan laigsean sa chùram a thugadh seachad.

Thuirt i gun robh atharrachaidhean air an cur an sàs mar thà feuch piseach a thoirt air gnothaichean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.