Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' fàs

Sgoil Tha dùil ri co-dhiù 80 duine-cloinne ann am P1 san Lùnastal am bliadhna.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' cur feum air seòmraichean-teagaisg a bharrachd, agus faisg air 700 sgoilear a-nis innte.

A thuilleadh air sin, tha dùil gum bi co-dhiù 80 duine-cloinne air P1 san Lùnastal am bliadhna.

Mar sin dheth feumaidh an sgoil barrachd thidsearan fhastadh, agus seòmraichean-teagaisg san sgoil nach deach a chleachdadh thuige seo ath-fhosgladh.

Ghluais an sgoil Ghàidhlig gu togalach seann sgoil Thaobh na Coille ann an 2006, agus tha cuid de sheòmraichean nach deach a chleachdadh on uair sin.

Tha iarrtas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu ag èirigh, agus dh'fhoillsich comhairle a' bhaile aig toiseach na mìos gu bheil dùil aca bun-sgoil Ghàidhlig eile fhosgladh air taobh a deas Ghlaschu, a bhios a' fosgladh ann an 2015.

"Tha sinn a' coimhead air na goireasan a th' againn ann an Taobh na Coille, agus an dòchas gum bi a h-uile rud ceart gu leòr a thaobh sin, agus gun urrainn dhuinn seòmar eile a chleachdadh airson nan sgoilearan a tha a' tighinn a-steach don sgoil," thuirt Oifigear Foghlaim Ghàidhlig Comhairle Bhaile Ghlaschu, Jim Whannel.

"Ach tha e follaiseach gum bi sinn feumach air sgoil ùir," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • HMS TimbertownSgeulachd HMS Timbertown

    Am measg àmhghar is dòrtadh fala a' Chogaidh Mhòir, tha sgeulachd mu sheòlaidairean cùl-earalais, le Leòdhasaich nam measg, a chaidh a chur dha na trainnsichean.


  • Feannagan FàrachVágaveltan - Feannagan Fàrach

    Ciamar a dh'fhàsas muinntir nan Eileanan Fàrach buntàta?


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.