Planaichean Chiseòirn gam mìneachadh

Ciseòrn Thathas airson an gàradh a chur gu feum ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Thèid plana airson seann ghàradh ola Chiseòirn air taobh siar Rois ath-bheothachadh, a mhinneachadh aig là fosgailte ann an Loch Carrann Diciadain.

Tha a' chompanaidh leis a bheil an làrach airson an goireas a chur gu feum a' frithealadh gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Tha Port Chiseòirn Eta. neo KPL, a' moladh togalaichean bathair, ionadan tionnsgalachd, seòmraichean obrach agus àiteachan còmhnaidh airson suas ri 1,500 neach-obrach a thogail aig an làraich.

Tha a' chompanaidh an dùil tùran concrete a thogail ann an Ciseòrn a thèid a chleachadh ann an tuathan-gaoithe aig muir, agus nithean eile a tha deatamach a thaobh a bhith a' cruthachadh dealain uaine aig muir.

Tha KPL ag ullachadh airson cead-dealbhachaidh iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson a' phlana, a tha iad ag ràdh a chruthaicheadh suas ri 2,500 cosnadh.

Thèid là fosgailte a chumail aig Talla Choimhearsnachd Loch Carrann Diciadain airson cothrom a thoirt do mhuinntir an àite barrachd fhaighinn a-mach mun phròiseact, agus beachd a thoirt air na th' anns an amharc.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.