Co-dhùnadh air tuath-ghaoithe ga chur dheth

  • 19 An Gearran 2013

Chuir Comhairlichean air Ghàidhealtachd dheth co-dhùnadh air cead-dealbhachaidh do thuath-ghaoithe a tha san amharc anns a' Mhonadh Liath.

Chuir iad romhpa turas a ghabhail iad fhèin chun na làraich gus beachd nas fheàrr fhaighinn air na planaichean a tha Scottish and Southern Energy (SSE) a' cur air adhart, gus 83 crainn-ghaoithe a chur an-àirde aig Sròn na Làirige, air Oighreachd Earragaidh faisg air Cille Chuimein.

Chuir Dualchas Nàdair na h-Alba, Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba an aghaidh nam planaichean, is iad ag ràdh gun dèanadh e milleadh air a' mhòintich, agus air cruth na tìre.

Tha aithisg na Comhairle a' moladh nach bu chòir dhaibh cur an aghaidh nam planaichean.

An t-seachdain seo chaidh, chuir a' Chomhairle an aghaidh trì tuathanasan-gaoithe air Ghàidhealtachd - dhà dhiubh ann an ceann a deas Chataibh, agus fear eile faisg air Deimhidh ann an Srath Narrann.