Comhairle gus beachdachadh air tuath-gaoithe

  • 19 An Gearran 2013

Beachdachaidh Comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt air planaichean Scottish & Southern Energy (SSE) gus tuath-gaoithe a thogail ann am beanntan a' Mhonaidh Lèith.

Chuir Dualchas Nàdair na h-Alba, Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba an aghaidh nam planaichean airson 83 crainn-ghaoithe a thogail air oighreachd Earagaidh, faisg air Cille Chuimein - agus faisg air sgeama hydro Ghlinn Dotha.

Tha aithisg na Comhairle a' moladh nach bu chòir dhaibh cur an aghaidh nam planaichean.

Thuirt Comhairle na Sreapadaireachd gun dèanadh am pròiseact cron air a' Mhonadh Liath, 's gu bheil e ceàrr nam beachdsan prothaidean nan companaidhean cumhachd a chur air thoiseach air àrainneachd na h-Alba.

Thuirt SSE ge-tà, gun deadh na crainn a thogail mu thimcheall bun-structair an sgeama hydro a th' ann mar thà aig Gleann Dotha, 's nach toir e cus a bharrachd buaidh air an talamh no air cruth na tìre.