Cùmhnant Chaisteil Leòdhais aig companaidh Leòdhasaich

  • 14 An Gearran 2013

Tha Comhairle nan Eilean Siar air an cùmhnant airson crìoch a chur air a' chiad earrainn den obair-leasachaidh air Caisteal Leòdhais a thoirt dhan chompanaidh Niall MacAoidh à Steòrnabhagh.

Bha iad nam fo-chùmhnantaichean aig a' chompanaidh Patons a bha a' dèanamh na h-obrach, 's a chaidh ann an rianachd an-uiridh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad deiseil tòiseachadh air an obair a dh'aithghearr.