Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Oscar Pistorius

Nochdaidh an lùth-chleasaiche para-liompaigeach à Afraga a Deas, Oscar Pistorius, sa chùirt feasgar fo chasaid mùirt. Chaidh a leannan a mharbhadh le gunna na dhachaigh ann am Pretoria. Tha na Poilis an sin ag ràdh gun robh iad air fios fhaighinn na bu tràithe mu dhochann san dachaigh aig an aon taigh.

Caisteal Leòdhais

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a' chùmhnant airson crìoch a chur air a' chiad earrainn den obair-leasachaidh air Caisteal Leòdhais a thoirt don chompanaidh Niall MacAoidh à Steòrnabhagh. Bha iad nam fo-chùmhnantaichean aig a' chompanaidh Patons a bha a' dèanamh na h-obrach 's a chaidh ann an rianachd an-uiridh. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad deiseil airson tòiseachadh air an obair a dh'aithghearr.

Sòn an Euro

Tha àireamhan ùra a' dèanamh dheth gu bheil an crìonadh ann an eaconamaidh Sòn an Euro air a dhol tòrr nas miosa. Chaidh i air ais 0.6% anns na trì mhìosan mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh. 'S i an dùthaich as motha san Sòn, a' Ghearmailt, a bu mhiosa a chrìon bho thòisich an staing ann an 2008.

Smocadh

Tha co-bhanntachd de bhuidhnean an aghaidh smòcadh ag iarraidh air Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte còmhdachd shìmplidh a thoirt a-steach airson phacaidean thoitean. A rèir Smoke-free Action, tha companaidhean tombaca a' cleachdadh phacaidean soilleir airson òigridh a thàladh, 's tha iad ag ràdh anns na sia mìosan a tha na h-ùghdarrasan air a bhith a' meòrachadh air an leithid de chasg, gun do thòisich 80,000 duine-cloinne a' smòcadh as ùr.

Am BBC

Tha Àrd-stiùiriche ùr a' BhBC, a thòisicheas na dhreuchd a dh'aithghearr, Tony Hall, air daoine ainmeachadh airson cuid de na h-àrd-dhreuchdan. Bidh seann Rùnaire a' Chultair, Seumas Purnell, a' tighinn a-steach mar Stiùiriche Ro-Innleachd agus Didseatach. Bidh an tè a tha os cionn Naidheachdan an-dràsta, Helen Boden, a' dol na stiùiriche air BBC Radio. Thèid ceannard ùr air Naidheachdan ainmeachadh fhathast.

Faclair Gàidhlig Ùr

Thèid faclair ùr Gàidhlig fhoillseachadh mar ghoireas air-loidhne an t-seachdain seo. Tha e a' leudachadh air na th' ann am Faclair na Pàrlamaid. 'S i a' chompanaidh a rinn Faclair na Pàrlamaid, TELI, a chuir ri chèile e le airgead bho Bhòrd na Gàidhlig. 'S ann do dhaoine a tha an sàs ann an obair-rianachd anns an Roinn Phoblaich as motha a bhios an goireas, a thuilleadh air ùghdarrasan poblach a tha a' cruthachadh phlanaichean Gàidhlig.

Katie Mòrag

Thèid sreath telebhisein do chloinn stèidhichte air na leabhraichean aig Katie Mòrag a sgrìobh Màiri Hedderwick, a chlàradh ann an Leòdhas. Thèid an dèanamh airson an t-sianail CBeebies. Fhuair am pròiseact faisg air £100,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.