Mì-chinnt mu Sgoil Bhàrdachd na Comraich

  • 14 An Gearran 2013
Bealach na Bà Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an sgoil a' cur bàrdachd agus cruth na tìre ann an cò-theacsa a chèile.

Tha mì-chinnt mhòr mu na tha an dàn do Sgoil Bhàrdachd na Comraich, agus coltas gum faodadh dìth airgid cur às dhi am bliadhna.

An-dràsta tha an sgoil a' faighinn taic-airgid bhon bhuidhinn ALPS - Applecross Land Partnership Scheme - tro sgeama Leader an Riaghaltais.

Ach tha an t-airgead sin a' tighinn gu crìch anns a' Mhàrt, 's tha còir an Sgoil Bhàrdachd a bhith ann san Lùnastal.

"Bha sinn an sàs le ALPS bhon toiseach, agus bha sinn an dòchas agus an dùil gum biodh e sàbhailte," thuirt Derek MacIllfhinnein a tha an sàs san Sgoil Bhàrdachd.

Cudromach

"Chan eil ùine gu leòr ann airgead eile fhaighinn. Feumaidh sinn naidheachd fhaighinn a dh'aithghearr.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil an Sgoil Bhàrdachd gu math cudromach don sgìre.

"Chan eil pròiseactan gu leòr air a' Chomraich idir mar seo.

"Tha e air a bhith ag obair gu math chun an là an-diugh, agus tha tuilleadh dhaoine a' tighinn ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach airson Gàidhlig air a' Chomraich.

"Tha sinn an dùil gum bi rudan dìreach mar a bha iad an-uiridh, 's a' bhòn-uiridh.

"Agus a bharrachd air sin tha sinn air a bhith a' smaoineachadh airson tuilleadh chuspairean taobh a-muigh, agus a' dol mu chuairt an àite, a' siubhail, a bharrachd air òraidean mu dheidhinn bàrdachd," thuirt e.