Fiosrachadh mun Phàrlamaid sna h-Eileanan

  • 13 An Gearran 2013

Bidh cothrom aig muinntir nan Eilean Siar fiosrachadh fhaighinn air mar tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair an t-seachdainn seo, agus riochdairean bho Holyrood air sreath de bhùithdean-obrach a chur air dòigh san sgìre.

Bithear gu mòr a' toirt sùil air mar a thèid aig a' phoball air ath-chuinge a thòiseachadh, mus tadhail Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach aig a' Phàrlamaid air Steòrnabhagh air 15mh am Màrt.

Cumaidh iad bùithdean-obrach mar a leanas: Diciadain ann an Taigh-Òsta an Eilein Duirche ann am Beinn nam Fadhla eadar 4:00f is 6:00f, agus a-rithist eadar 6:30f agus 8:30f.

Diardaoin ann an Taigh-Òsta na Hearadh air an Tarbeart eadar 3:00f is 5:00f.

Dihaoine ann an Taigh-Òsta a' Chaladh ann an Steòrnabhagh eadar 3:00f is 5:00f, agus a-rithist eadar 6:00f agus 8:00f.