Rannsachadh air tubaist lioft-sgithidh aig an Leac

Cobhair ga dhèanamh Image copyright Stephen Bastiman-Davies
Image caption Bha 36 duine air an glacadh rè ùine às dèidh na tubaiste.

Tòisichidh sgrudadh Diciadain air na dh'adhbhraich tubaist aig raon-sgithidh na Lice ann an Siorrachd Obar Dheadhain anns an deach sianar an goirteachadh.

B'fheudar cobhair a dhèanamh air 36 duine eile nuair a bhris càbal air lioft-sgithidh, 's a chaigh an glacadh san lioft rè ùine.

Thachair an tubaist mu 3:30f Dimàirt, aig Coire Gharbhaidh.

Chan eil e soilleir fhathast dè direach a thachair, ach thathas a' tuigsinn gur dòcha gun tàinig aon de na càbalan a bha a' tarraing sheithrichean sgithidh gu mullach na beinne far a' crainn aige.

Chaidh aon inbheach agus còignear duine-cloinne a ghoirteachadh san tubaist.

Chaidh heileacoptairean a chleachdadh airson an togail dhan ospadal ann an Obar Dheadhain agus Inbhir Nis, 's iad a' fulang chnàmhan briste agus druim goirt.

Cuiridh oifigich bho Bhuidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd rannsachadh air chois feuch dè dìreach a thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile