Cead ga dhiùltadh do thuathan-gaoithe an Cataibh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur an aghaidh plana airson tuath-gaoithe ann an Cille Mhuire faisg air Àird Ghaoithe, agus fear eile ann an Dal an Easaidh faisg air an Luirg ann an Cataibh.

Chuir iad an aghaidh nan oifigearan dealbhachaidh aca fhèin, a bha ag iarraidh an dà thuath-gaoithe a leigeil air adhart.

Bhiodh 34 crann ann an tuath-gaoithe Cille Mhuire, agus 27 ann am fear Dhal an Easaidh.

Chuir comhairlichean gu h-aona-ghuthach an aghaidh tuath-gaoithe Chille Mhuire, ach bha iad air an sgaradh a thaobh Dal an Easaidh, le cathraiche na comataidh a' cleachdadh bhòta dheireannaich airson cur na aghaidh.

Thèid a-nis rannsachadh poblach ionadail a chumail, 's bidh an co-dhùnadh mu dheireadh aig Riaghaltas na h-Alba.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.