Ath-thagradh ann an cùis mhuirt
Tha britheamhan deònach làn-èisteachd a thoirt do dh'ath-thagradh bho dhuine a fhuair binn-beatha sa phrìosan airson neach-turais Aimeireaganach a mharbhadh anns a' Ghleann Mhòr.
Chaidh Cailean Ros fhaighinn ciontach de dh'oidhirp air Marty Layman Mendonca a mhuirt aig a' Bhuaile Dhuibh ann an 2006.
Tha e fhèin a' cumail a-mach nach deach ceartas a dhèanamh anns a' chùirt.
Chaidh binn beatha sa phrìosan air, le òrdugh gum biodh e fo ghlas airson 20 bliadhna air a' char as lugha.
Ach tha Coimisean Sgrùdaidh nan Cùisean Eucorra an Alba a' dèanamh dheth gun robh sin cus.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~19~RS~)

CNES ag iarraidh RET is ADS air ais
A' cuimhneachadh air Calum Cille
Eileanach a' trèanadh ann an Serbia