Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Back to Work

Dh'òrdaich Cùirt nan Ath-Thagraidhean ann an Lunnainn nach robh riaghailtean na sgeama "Back to Work" aig an Riaghaltas laghail, 's gum feumar cur às dhaibh. Chaidh Cait Reilly, aig an robh ceum oilthigh, gu cùirt a thagradh nach robh e laghail a bhith a' toirt oirre obrachadh gun phàigheadh ann am bùth Poundland. Bha na h-ùghdarrasan air a ràdh rithe gun cailleadh i sochairean mur a biodh i deònach a dhol a lìonadh sgeilfichean anns a' bhùth airson greis gun phàigheadh.

Coirea a Tuath

Rinn NATO dubh-chàineadh air an deuchainn niuclasaich ùir ann an Coirea a Tuath. Thuirt iad gun robh e gòrach agus na chunnart do shìth an t-Saoghail. Tha Riaghaltas Bhreatainn air fios a chur air tosgaire Choirea a Tuath airson am beachd fhèin a chur an cèill.

Barclays

Tha am banca Barclays a' dol a ghearradh faisg air 4,000 cosnadh. Falbhaidh 1,800 obair anns an roinn tasgaidh aca, a' chuid mhòr air taobh a-muigh Bhreatainn. Bidh 1,900 eile a' falbh air feadh na Roinn Eòrpa. Dh'fhoillsich Barclays gun do thuit na prothaidean aca gu mòr, bho faisg air £6bn ann an 2011, gu beagan is £200m an-uiridh.

Ìre na h-Atmhorachd

Cha do dh'atharraich Ìre na h-Atmhorachd airson na ceathraimh mìos sreath a chèile. Dh'innis Oifis na Staitistig Nàiseanta gun robh CPI aig 2.7% anns an Fhaoilleach.

Sreapadair

Dh'ainmich na Poilis an sreapadair a chaidh a mharbhadh anns a' Mhonadh Ruadh an-dè. 'S ann à Castleford ann an Yorkshire a bha Graham Connell. Bha e 31. Bha e còmhla ri còignear eile à Oilthigh Leeds a bha a' sreap Là na Sàbaid nuair a thàinig droch shìde orra. Chaidh cobhair a dhèanamh air càch.

Teine Inbhir Pheofharain

Tha rannsachadh a' tòiseachadh an-diugh air dè dh'adhbharaich teine anns an t-seann Thaigh-Òsta Rìoghail ann an Inbhir Pheofharain. Thòisich e tràth madainn an-dè, agus bha meadhan a' bhaile dùinte airson greis. 'S e ostal do dhaoine gun dachaigh a th' anns an togalach a-nise, 's tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' lorg dachaighean ùra dha na daoine a bh' ann.

Co-op Phort Rìgh

Tha comhairlichean na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-dràsta air cead-dealbhachaidh a thoirt dhan Cho-op airson a' bhùth aca ann am Port Rìgh a leasachadh 's a leudachadh. Tha comhairle coimhearsnachd a' bhaile ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air roghainn nas fheàrr de bhiadh 's de ghoireasan, agus gu bheil iad an dòchas gum brosnaich e co-fharpais san eilean.

Tuagh-gaoithe

Tha comhairlichean dealbhachaidh na Gàidhealtachd cuideachd a' beachdachadh madainn an-diugh air planaichean connspaideach airson dà thuath-gaoithe ann an Cataibh. Bhiodh 61 chrann ann gu lèir, faisg air Àird Ghaoithe, agus faisg air an Luirg. Tha oifigich a' moladh gun cur nan aghaidh, ach bidh an co-dhùnadh mu dheireadh aig Riaghaltas na h-Alba.