Cròileagan Dhùn Phris

  • 11 An Gearran 2013
Dùn Phris Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thòisich an cròileagan sa bhaile bho chionn mìos.

Ged nach ann air a' cheàrnaidh sin de mhapa na h-Alba a laigheadh sùil duine a bha a' smaoineachadh mun Ghàidhlig, tha an cànan air cinntinn as ùr faisg air a' chrìch Shasannaich.

O chionn mìos, thòisich cròileagan Gàidhlig ann am baile Dhùn Phris, agus na h-uidhir de dhaoine san sgìre airson 's gum bi an cànan aig an cuid chloinne.

Coltach ri gu leòr de dh'àiteachan ann an Alba, bha uair a bha a' Ghàidhlig aig gu leòr de mhuinntir Dhùn Phris.

Chan fheumar ach sùil aithghearr a thoirt air ainmean àite na sgìre airson sin a dhearbhadh.

Toiseach-tòiseachaidh

Thathas a' dèanamh dheth gun do bhàsaich an duine mu dheireadh a bhruidhneadh Gàidhlig na h-oisne sin den dùthaich anns an 17mh Linn, agus gun robh an dualchainnt an ìre mhath coltach ri Gaeilge thaobh sear Uladh, agus Gaelg Eilein Mhanainn.

'S ann bho cheann eile na dùthcha ge-tà, a tha an tè a thòisich an cròileagan ùr.

Buinnidh Johan Nic a' Ghobhainn do Leòdhas, agus thàinig i còmhla ri buidheann de phàrantan sa bhaile a bha airson rudeigin a dhèanamh gus an cànan a thilleadh don sgìre.

"Thòisich sinn dìreach le bhith a' faighinn a-mach an robh ùidh aig daoine ann as t-Samhradh a chaidh," thuirt i.

"Rinn sinn tòrr sgaoileadh fiosrachaidh agus margaidheachd, agus smaoinich sinn uell, 's e pàirt de ar cultar a th' ann.

"Tha daoine a' smaoineachadh ann an Dùn Phris nach eil ceangal aige ri Gàidhlig, ach tha eachdraidh na Gàidhlig anns an sgìre seo mar a tha ann an iomadach sgìre air feadh na dùthcha.

"Bha làn-thìde rudeigin a dhèanamh, gu h-àraid dhan fheadhainn as òige. Tha clasaichean Gàidhlig ann dhan fheadhainn as sine, do dh'inbhich.

"Agus tha a h-uile rannsachadh a' sealltainn mar as òige a gheibh thu leanabh, gur ann as fheàrr a thaobh cànan a thogail," thuirt i.

Ged nach eil an cròileagan air a bhith a' dol ach mìos, tha Johan dòchasach gun lean an ùidh a th' anns a' ghnothach.

"Tha iad a' tighinn seachdain às dèidh seachdain, agus fiù 's an-diugh fhèin choinnich sinn ri dithis nach robh a-staigh an seo seachdainnean eile.

"Mar sin dheth tha sinn dìreach an urra ri daoine a bhith ag innse do chàch mu dheidhinn na buidhne.

"Cò aig a tha fios, nuair a bhruidhneas sinn a-rithist, nach ann an sgoil-àraich Ghàidhlig, no sgoil Ghàidhlig a bhios sinn? Chì sinn!" thuirt i.