Ìmpidh mu chuotathan iasgaich

  • 11 An Gearran 2013
Rionnach Image copyright Eyewire Inc
Image caption Tha Innis Tìle ag ràdh gu bheil an rionnach a' falbh leis a' bhiadh gu lèir, a' fàgail èisg eile gun dad ri ithe.

Tha ìmpidh a' tighinn à Innis Tìle atharrachadh a thoirt air laghan eadar-nàiseanta co-cheangailte ri iasgach an rionnaich.

Tha connspaid leantainneach air a bhith a' cuairteachadh nan cuideaman ceadaichte airson a bhith ga iasgach ann an Alba.

Thuirt ministear iasgaich Innis Tìle, Steingrímur J. Sigfússon, gu bheil iadsan a' fulang leis gu bheil an rionnach aig tuath ag ithe a' bhìdh air fad sna h-uisgeachan aca, a' fàgail èisg eile leithid an truisg gun bhiadh.

Tha Innis Tìle agus na h-Eileanan Fàrach air a bhith ag iarraidh tuilleadh chumhachdan co-cheangailte ri bhith ag iasgach an rionnaich bho thòisich iad a' briseadh chòrdaidhean eadar-nàiseanta bho chionn còig bliadhna.

Tha iad air a bhith a' glacadh mu 50% a bharrachd de rionnach na tha luchd-saidheins a' moladh.

Thuirt Riaghltas na h-Alba gum feum Innis Tìle sguir de bhith ag iasgach aig an ìre a tha iad, agus iad airson còmhraidhean a chumail eatorra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile