Corp ga lorg anns a' Mhonadh Ruadh

  • 11 An Gearran 2013

Lorg luchd-teasairginn a bha a' sireadh sianar shreapadairean a bh' air chall sa Mhonadh Ruadh corp, às dèidh dhaibh còignear den bhuidhinn a thoirt beò far na beinne.

'S i buidheann oileanach à Leeds a th' annta, agus chaidh an lorg faisg air Càrn Tarsuinn, le sgioba teasairginn Bhràigh Mhàrr.

Bha droch aimsir a' cur maill orra, ach mu dheireadh fhuair iad heileacoptar an-àirde, 's chaidh an còignear, nach robh air an goirteachadh, a thogail gu Ràt Mhurchais.

Thòisich iomairt theasairginn mhòr airson na buidhne oidhche Dhòmhnaich nuair nach do nochd iad nuair a bha dùil riutha.

Bha sgiobannan teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, Achadh Dà Dhòmhnaill, RAF Luachair, RAF Inbhir Lòsaidh agus Bhràigh Mhàrr an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile