Obair a' tòiseachadh air Drochaid Cheasaig

  • 11 An Gearran 2013
Drochaid Cheasaig
Image caption Tha dùil gun lean an obair-càraidh ceithir mìosan.

Tha dùil ri maill mhòir air an A9 tarsainn Chaolas Inbhir Nis Diluain, 's obair air tòiseachadh air Drochaid Cheasaig.

Tha an t-slighe gu tuath dùinte, agus thathas a' moladh do dhaoine a tha ga chleachdadh gach madainn còmhdhail phoblach a chleachdadh neo fiù 's obrachadh bhon taigh, ann an oidhirp trioblaidhean mòra còmhdhail a sheachnadh.

'S e an leasachadh, a chosgas £18m, a' chiad obair de a seòrsa bho chaidh an drochaid a thogail bho chionn 30 bliadhna.

Bidh na mìltean dhaoine a' cleachdadh na drochaid gach là, agus glè thric bidh maill mhòr air dràibhearan aig na h-amannan as trainge den là.

A-nis tha luchd-einnsiniridh a' toirt rabhaidh, mur a cleachd daoine dòighean còmhdhail eile, gum faodadh dàil trì chairteal na h-uaireach a bhith air dràibhearan.

Tha eòlaichean a' tomhais ge-tà, ma chuireas aon duine anns gach còignear a tha a' dol air ais 's air adhart air an drochaid gach là cùl ris a' chàr aca nach bi càil a bharrachd màille air dràibhearan na an àbhaist.

Tha dùil gun lean an obair mu cheithir mìosan.

Tòisichidh obair air an t-slighe gu deas mun àm seo an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile