Teine ann am meadhan Inbhir Pheofharain air a chur fo smachd

Tha luchd-smàlaidh a bha a' dèiligeadh ri teine ann am meadhan baile Inbhir Pheofharain air an teine a chur fo smachd.

Tha pàirt de mheadhan a' bhaile fhathast dùinte, às dèidh mar a thòisich an teine anns an Taigh-òsta Rìoghail air an Àrd-Shràid.

Tha na Poilis ag iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh.

B'e ostal do dhaoine gun dachaigh a bh' anns an taigh-òsta, agus tha a' Chomhairle a-nis a' feuchainn ri dachaigh ùr a lorg do naoinear a bha a' fuireach ann.

Bha còrr is 50 oifigear-smàlaidh aig an tèine, le ochd einnseanan.

Thòisich e ro 03:30m madainn Diluain.

Tha e air a thuigsinn gun deach grunn dhaoine a thoirt a-mach às an dachannan san sgìre.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.