Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat an Aonaidh Eòrpaich

Tha dùil ri coinneimh naidheachd sa Bhruiseal an ceartuair, far am bi fiosrachadh aig Dàibhidh Camshron mu aonta air buidseat an Aonaidh Eòrpaich airson an ath sheachd bliadhna. Tha aithrisean ann gum bi gearradh ann an cosgaisean anns an fharsainneachd, ach gum faodadh an t-suim airgid a tha Breatainn a' cur ris an aonadh a dhol suas leis an fhormula a th' ann airson airgead a thoirt air ais do chuid de na dùthchannan.

Feòil Each

Chaidh òrdachadh do bhuidhnean a tha a' reic bidh rannsachadh a dhèanamh air a h-uile stuth anns a bheil feòil-mhàirt 's e air tighinn am follais nach robh dad ach feòil each ann an cuid den lasagna aig a' chompanaidh Findus. Thuirt Buidheann Inbhe a' Bhìdh gu bheil a h-uile coltas ann gur e eucoir a th' air cùlaibh na cùise, ach nach eil cunnart sam bith ann do shlàinte.

ATOS

Tha Buill-Phàrlamaid a' càineadh na deuchainn a tha a' tomhas a bheil daoine a th' air sochairean fut air obair. Chaidh an dòigh measaidh a stèidheachadh ann an 2008, ach tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ag ràdh gu bheil mearachdan ann ro thric. Tha an Riaghaltas a' dol às àicheadh 's iad ag ràdh nach eil a' chomataidh ag aithneachadh adhartais anns an t-siostam bho chionn ghoirid.

Stèisean Rèile

Thèid stèisean rèile Drochaid Sguideil san Eilean Dubh fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Bidh trèanaichean a' tighinn 's a' falbh às airson a' chiad uair bho dhùin e anns na 60an. Seo pàirt de dh'oidhirp air dèanamh cinnteach nach bi maill air trafaig air Drochaid Cheasaig nuair a thòisicheas obair air an drochaid air an deireadh-sheachdain airson fad ceithir mìosan.

RET Coimearsalta

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh coinneimh as ùr le Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, mun cho-dhùnadh sgeama faraidhean aiseig RET a thoirt air falbh bho chompanaidhean bathair. Tha dùil ri aithisg a dh'aithghearr, le dùil ri droch bhuaidh air eaconamaidh nan eilean nuair a chaidh sguir de dh'fhaochadh RET air làraidhean.

Oifis Mhòr a' Phuist an Steòrnabhagh

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, am measg na tha a' gabhail dragh mu oifis mhòr a' phuist ann an Steòrnabhagh. Tha Oifis a' Phuist a' coimhead ri oifisean crùin a dhùnadh, agus seirbheisean a thoirt seachad ann am bùthainnean, agus tha beachd ann gum faodadh sin tachairt dhan oifis air Sràid Fhrangain ann an Steòrnabhagh.