Clàr na h-iomain son 2013

Caman Chan fhada a-nise gus an tòisich an seusan ùr.

Dh'fhoillsich Comann na Camanachd clàr nan geamaichean son an t-seusain ri tighinn, a thòiseachas air an 2mh den Mhàirt.

Tòisichidh Bail' Ùr an t-Slèibh an oidhirp am Prìomh Lìog a bhuannachadh son a' cheathraimh turais ann an sreath ri geama aig an taigh an aghaidh Ghleann Urchadain.

Bidh Loch Abar, a bhuannaich Lìog Tuath 1 an-uiridh, aig an taigh an aghaidh Lòbhait.

Doirbh

'S e Camanachd an Òbain a bhuannaich Lìog Deas 1 agus tillidh iadsan dhan Phrìomh Lìog le geama doirbh ann an Taigh na Bruaich an aghaidh Chaol Bhòid.

Ghlèidh Ceann Loch Seile an t-àite aca aig an ìre as àirde an-uiridh gun cus strì is tòisichidh iadsan an darna seusan aca sa Phrìomh Lìog aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Sa gheama eile bidh Inbhir Aora aig an taigh an agaidh A' Ghearasdain.

Ann an Lìog Tuath 1 tòisichidh na Sgitheanaich aig Pàirc nan Laoch far an cluich iad an aghaidh Inbhir Nis.

Fàilte

Chan eil ach aon sgioba aig Loch Carran a-nise - a' cluich ann an Lìog Tuath 3 - agus cuiridh iad fàilte air na nàbaidhean aca, Loch Bhraoin, air a' chiad là den t-seusan.

Cuideachd san lìog sin bidh dùbhlan aig na Leòdhasaich anns a' chiad gheama acasan, is iad air falbh an aghaidh Bhoth Fhleisginn, a chrìochnaich san darna àite an-uiridh.

Gheibhear na geamaichean air fad son an t-seusain a tha romhainn an seo.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.