Gainnead luchd-obrach ath-nuadhachail

  • 8 An Gearran 2013

Bidh gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail gann de 10,000 neach-obrach an ceann ochd bliadhna, a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh dhan ghnìomhachas.

Thuirt luchd-sgrùdaidh Garrad Hassan gun robh gnìomhachas nan tuathan-gaoithe a' cur feum air tòrr a bharrachd luchd-obrach, agus gun cuir seo dàil air pròiseactan.

An lùib an rannsachaidh, nochd iarrtas gun tèid oilthighean agus colaistean an sàs sa chùis, feuch daoine a thàladh gus teisteanasan a thoirt a-mach co-cheangailte ris a' ghnìomhachas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile