Stèisean Drochaid Sguideil ga ath-fhosgladh

  • 8 An Gearran 2013
Seann stèisean Drochaid Sguideil Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption Chaidh an stèisean a dhùnadh le Dr Beaching anns na 1960an.

Thèid stèisean rèile Drochaid Sguideil anns an Eilean Dubh fhosgladh gu h-oifigeil Dihaoine.

Bidh trèanaicheran a' stad ann airson a' chiad uair bho chaidh a dhùnadh anns na 60an.

'S e Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, a dh'fhosglas an stèisean.

Tha dòchas gun cuidich e le bhith a' lùghdachadh trafaig air Drochaid Cheasaig, far an tòisich iad a' dùnadh pàirt den drochaid air an deireadh sheachdainn seo airson obair-càraidh mhòir.

Bheir an obair-càraidh ceithir mìosan, 's an uair sin ceithir mìosan eile aig an aon àm an ath-bhliadhna.

Tha na h-ùghdarrasan air grunn rudan a chur an sàs airson dèanamh cinnteach nach bi tachdadh uabhasach trafaig ann.

Nam measg tha lèana do bhusaichdean tuath air an drochaid.

Ach tha iad cuideachd a' brosnachadh dhaoine gu mòr a dhol air an trèana.