Sgoil Ghàidhlig eile do Ghlaschu

Sgoil Ghleann Dail 'S ann aig an làraich seo ann am Pollokshields a bhios an sgoil ùr Ghàidhlig stèidhichte.

Thèid bun-sgoil ùr Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun cuir iadsan £800,000 ris an leasachadh aig sgoil Ghleann Dail ann am Pollokshields ann an taobh a deas a' bhaile.

Bidh sgoil Bheurla cuideachd air an làraich.

Dh'fhosgail a' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu ann an 1999.

Iarrtas

Tha i air a bhith stèidhichte aig Woodside sa bhaile - le sgoil-àraich, bun-sgoil is àrd-sgoil air an làraich - bho 2006 is tha iarrtas son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile a' sìor fhàs.

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil airgead a' tighinn bhon riaghaltas son na pròiseict seo", thuirt Ceannard an Fhoghlaim aig Comhairle Bhaile Ghlaschu, Steaphan Curran.

"Còmhla ri airgead bhon chomhairle fhèin, bidh seo a' ciallachadh gun urrainn dhuinn goireas a chruthachadh son 200 sgoilear.

"Bidh cothrom a bharrachd ann son tidsearan Gàidhlig ann an Glaschu agus bheir seo cuideachd uallach far na sgoile aig Woodside", thuirt e.

Dragh

Tha e coltach ge-tà gu bheil dragh air cuid de phàrantan gum bi a' bhun-sgoil ùr air an aon làraich ri sgoil Bheurla.

"Tha mi a' smaointinn gun robh pàrantan a' faireachdainn nach robh cothrom aca a bhith a' faighinn a-steach dhan deasbad trath gu leòr agus gu bheil co-dhùnadh no dha air an dèanamh mar-thà", thuirt Bruce Whyte bho Chomann nam Pàrant ann an Glaschu.

"S e sgoil Ghàidhlig a bhios ann agus 's e tidsear Gàidhlig a bhios san cheannard ach tha deasbad ann mu dheidhinn dè an ìre de Ghàidhlig a bhios anns an sgoil, dè an ìre de Ghàidhlig a bhios san talla-bhidhe no san raon-cluiche agus tha sinn a' bruidhinn ris a' chomhairle mu dheidhinn sin agus tha sinn air na draghan sin a thogail", thuirt e.

Chan eil Comhairle Bhaile Ghlaschu air beachd a nochdadh air na draghan sin aig an ìre seo.

Thathas an dùil gun tòisich obair air an sgoil ùr san t-Sultuin am bliadhna agus gum fosgail i ann an 2015.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.