Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gu bheil làn dùil aige gur ann bho stòras bonas a' bhanca a phàigheas Banca Rìoghaill na h-Alba càin de na muilleanan not airson am pàirt ann an sgaineal Libor. Thig fiosrachadh an diugh fhathast air dè dìreach an t-suim a bhios ann, le dùil gum bi sin mu £400m.

Ospadal Stafford

Thèid co-dhùnadh fhoillseachadh an taobh a-staigh uair de shìde an dèidh rannsachadh poblach mu dhìth cùram aig Urras NHS Meadhan Staffordshire. Fhuair rannsachadh ron seo gu robh cùram aig Ospadal Stafford fada fon ìre ris am biodh dùil agus nach deach sealltainn ri euslaintich mar bu chòir. Tha e coltach gun robh ceithear cheud bàs a bharrachd air na bhiodh dùil aig an ospadal sin eadar 2005 agus 2009.

Buidseat

Tha a h-uile coltas ann gum bi colaistean agus taigheadas am measg na gheibh taic agus Pàrlamaid na h-Alba ag aontachadh buidseat na bliadhna seo tighinn. Canaidh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gu bheil e a' feuchainn ri fàs eaconomach a bhrosnachadh agus gnìomhachas an togail a chuideachadh le a bhith a' togail taighean ùra. Tha a h-uile coltas ann ge-tà gum bi na pàrtaidhean eile a' càineadh na h-uimhir de na a tha e a' moladh.

Tsunami

Thuirt oifigich ann an Eileanan Solomon gun deach ceathrar, cho fad sa fios leotha aig an ìre seo, a mharbhadh ann an tsunami. Rinn crith-thalmhainn mhòr fon mhuir an ceann a deas a' Chuain Shèimh tonn a thàinig air tìr ann am bailtean ris a' chladach.

Iasgach

Tha Pàrlamaid na h-Eòrpa ag ullachadh airson bhòt a bheireadh na h-uimhir de dh'atharrachadh air Poileasaidh Choitcheann an Iasgaich. Tha iad ag amas air stoc a tha ann an cunnart a ghlèidheadh agus a' cur às cuideachd dhan chleachdadh fo am bi iasg marbh, air nach eil iarraidh, ga thilgeil air ais chun na mara.

Croitean

Thèid riochdairean croitearachd dhan phàrlamaid ann an Dùn Èideann an diugh le iarrtas airson mìlltean chroitean ùra a chruthachadh. Innsidh Bunait Croitearachd na h-Alba agus buidhnean eile do Bhuidheann Thàr-Phàrtaidh na Pàrlamaid air Croitearachd gum bu chòir, am measg sin, croitean-coille a stèidheachadh.