Tidsearan air an glèidheadh?

Leasan ciùl Nochd daoine dragh mu mholadh gus gearraidhean a dhèanamh a thaobh tidsearan sònraichte ann an cuispairean leithid P.E agus ceòl.

Sgeulachdan co-cheangailte

Bheir Comhairle nan Eilean Siar sùil às ùr air a' bheachd gus cuir às do dhreuchdan tidsearan sònraichte a tha a' dol eadar sgoiltean gus cuspairean leithid P.E agus ceòl a theagasg.

Thàinig seo às dèidh do bheachdan làidir nochdadh mun ghnothach aig coinneamhan poblach aig CNES san Fhaoilleach.

Bha buill na comhairle Dimàirt a' beachdachadh air na molaidhean airson gearraidhean a thèid air beulaibh na làn còmhairle an t-seachdain seo tighinn.

"S e am poileasaidh a bh'aig a' chomhairle gun deigheadh cur às dhaibh (dreuchdan nan tidsearan sònraichte) tro ùine ach tha na h-oifigearan ag ràdh a-nis nach eil sin a' dèanamh ciall", thuirt Cathraiche Foghlam CNES, Catriona Stiùbhart

"Tha sinn a' dol a choimhead ri dòighean air dèiligeadh ris an t-seòrsa foghlam cudromach sònraichte sin.

"Tha luchd-oideachaidh againn a tha a' dèanamh obair ionmhalta ag ionnsachadh ionnstramaidean ciùl dha chloinn agus 's e a bha sinn an dòchas, gun cuireadh sinn barrachd taic a-steach a thaobh luchd-oideachaidh, an àite a bhith a' caitheamh airgid air luchd-obrach a' dol eadar na sgoiltean, ach bidh e a rèir nan co-dhùnaidhean dhan tig na comhairlichean air fad an ath-sheachdain", thuirt i.

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar £4.5m a chaomhnadh agus thuirt a' bhean phòsta Stiùbhart gu bheil uallach mòr air comhairlichean na gearraidhean a dhèanamh.

"Tha sinn a' dèanamh rannsachadh agus ag èisteachd.

"Feumaidh sinne mar chomhairlichean a bhith a' coimhead ri na coimhearsneachdan air leth agus tighinn gu co-dhùnadh - a tha sinn a' smaoineachadh as fheàrr - dhaibhsan.

"Chan eil e furasta - uaireannan chan eil thu a' faighinn cadal", thuirt i.

Thèid buidseat na comhairle a stèidheachadh air an 14mh den mhìos.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.