Farpais Meadhan an t-Samhraidh

Farpais Meadhan an t-Samhraidh 'S àbhaist do 4 sgiobaidhean pàirt a ghabhail ann am farpais Meadhan an t-Samhraidh.

Chaidh aontachadh aig coinneimh bhliadhnail Comainn Ball-coise an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse nach gabh sgioba às an sgìre pàirt ann am farpais Meadhan an t-Samhraidh.

'S àbhaist do 4 sgiobaidhean pàirt a ghabhail anns an fharpais; Lèodhas is na Hearadh, Uibhist is Barraigh, an t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse agus sgioba Eileanach Ghlaschu.

An àite sgioba a chur chun na farpais, tha Comann Ball-coise an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse an dòchas sgioba a chur air adhart a chluicheas sgioba bho Lìog na Gàidhealtachd.

Chaidh moladh a chur air adhart ron choinneimh structar an lìog atharrachadh bho aona lìog de 11 sgioba, mar a tha e an-dràsta gu 2 lìog de 5 agus 6 sgiobaidhean.

Structar

Ach chaidh aontachadh aig a' choinneimh gun glèidheadh an comann an structar de aona lìog seach a dhà.

A-measg nan gnothaichean eile a chaidh a dheasbad bha moladh gum bu chòir na h-àireamhan de chluicheadairean-iomlaid a dh' fhaodadh do sgioba clàradh son gèam a lùghdachadh bho 7 gu 5.

Thàinig a' mhòr-chuid a bha an làthair gu aonta gum bu chòir don chomann an àireamh a lùghdachadh son barrachd chothroman cluiche a thoirt do chluicheadairean òga.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.