Fireannach a dhìth an Earra-Ghàidheal

Mìcheal Pringle Chaidh Mìcheal Pringle fhaicinn mu dheireadh trath Didòmhnaich.

Tha oidhirp a' leantainn gus lorg fhaighinn air fireannach a chaidh a dhìth aig Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh Mìcheal Pringle, 25, à Cill Mhearnaig fhaicinn mu dheireadh trath madainn Didòmhnaich.

Bha Mgr Pringle agus athair air tadhal air taigh-osta Tight Line ach chaidh an dealachadh bho chèile fhads a bha iad a' coiseachd gu ruige àite ri taobh an loch far an robh iad a' campadh.

Thuirt na poilis nach eil eòlas mòr sam bith aig Mìcheal Pringle air an sgìre is gu bheil dragh orra mu shàbhailteachd.

Tha Mgr Pringle mu 5 troighean is 9 oirlich , caol agus le gruag ghoirid dhorcha.

Bha seacaid uaine agus bòtannan iasgaich air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

'S ann air cladach Loch Obha mun cuairt air baile Loch Obha agus Caisteal Chaol a' Chùirn a tha an iomairt-teasairginn stèidhichte.

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.