Geamhradh an Dùn Bheagain

Dùn Bheagain Tha an caisteal air a bhith na dhachaigh do chinn-chinnidh MhicLeòid o chionn 800 bliadhna.

Tha e air a bhith na dhachaigh do chinn-chinnidh Chlann MhicLeòid airson còrr 's 800 bliadhna agus chan eil teagamh nach e fear de na seallaidhean as aithniche a th' anns an Eilean Sgitheanach: Caisteal Dhùn Bheagain.

Bha connspaid ann bho chionn beagan bhliadhnachan nuair a chuir Iain MacLeòid, nach maireann, an Cuilthionn air a' mhargaidh agus e a' lorg airgid airson mullach a' chaisteil a chàradh.

Cha deach an Cuilthionn a reic air a cheann thall, agus tha an togalach a-nis dìonach.

Ach tha obair gu leòr eile a dhìth airson a ghlèidheadh agus a dhèanamh deiseil do luchd-turais.

150,000 duine

Bidh an caisteal dùinte do luchd-turais bho dheireadh an Damhair gu deireadh a' Mhàirt gach bliadhna.

Anns an ùine sin bidh muinntir a' chaisteil a' gabhail cothrom gus an t-àite a sgioblachadh, na gàraidhean a chur ann an òrdugh, agus obair-càraidh sam bith a tha a dhìth a dhèanamh gun sluagh mòr de luchd-turais an làthair.

"Chìthear far a bheil uisge air tighinn a-steach," thuirt Janet Clarke, a tha na h-àrd-stiùiriche Oighreachdan MhicLeòid.

Start Quote

Bidh mòran den luchd-tadhail dìreach a' sìneadh an làimh ris, oir 's e obair-snaidhe àlainn a th' ann”

End Quote Janet Clarke Àrd-stiùiriche Oighreachdan MhicLeòid

"Tha aghaidh a' phàirt seo den chaisteal ris a' ghaoith bhon àird an iar-dheas. 'S e sàl na mara a th' air tighinn leis a' ghaoith, agus 's e sin 's dòcha an rud as miosa a dh'fhaodadh a bhit air a shadail ri togalach.

"Cha b'fheudar dhuinn an Cuilthionn a reic air a' cheann thall. Chaidh aig Uisdean MacLeòid a tha a-nis na cheann-chinnidh, air an t-airgead a thogail e fhèin.

"Fhuair sinn granta beag bho Alba Aosmhor. Chaidh an obair air a' mhullach a chrìochnachadh o chionn dà bhliadhna, agus 's e obair-ciùird dha-rìribh a th' ann, a tha a-nise a' cumail na h-aimsire a-mach.

"Ach tha sinn an còmhnaidh a' cumail sùil a-mach airson àite sam bith far a bheil uisge a' faighinn a-steach," thuirt i.

Mur a b'e na bha luchd-tadhail a' pàigheadh airson an caisteal fhaicinn, cha bhiodh e ann, coltach ri iomadh taigh mòr san dùthaich, a tha gu math daor a chumail na sheasamh.

Bidh faisg air 150,000 duine a' do thar na drochaid-togail gach bliadhna.

Chan ann a-mhàin ri cuideachadh a tha an dream sin ge-tà. Uaireannan, bidh iad ag adhbharachadh obrach.

"'S e seo taobh-bhòrd Ruairidh Mhòir," thuirt Janet Clarke a-rithist.

Gàradh Dhùn Bheagain Tha gàraidhean àlainn mu thimcheall a' chaisteil nan tarraing leotha fhèin do luchd-turais.

"Bidh mòran den luchd-tadhail dìreach a' sìneadh an làimh ris, oir 's e obair-snaidhe àlainn a th' ann.

"Bidh sin, gu nàdarra, ga chaitheamh mean air mhean.

"'S e an t-seòrsa rud a dh'fheumas sinn dèanamh sa Gheamhradh, a bith ga dhìon feuch gum bi e ann an staid math gu leòr airson an ath-sheusain," thuirt i.

Gàraidhean

Chan ann an taobh a-staigh nam ballachan cloiche a-mhàin a tha obair ri dhèanamh thar a' Gheamhraidh ge-tà.

Timcheall air a' chaisteal, tha gàraidhean ainmeil, a tha nan tarraing leotha fhèin do luchd-turais.

Start Quote

Chan e dìreach a bhith a' taghadh rudan gun diù”

End Quote Dàibhidh MacIllEathain Àrd-Ghàirnealair

"Bidh daoine an còmhnaidh a' faighneachd "dè bhios sibh a' dèanamh thar a' Gheamhraidh?" thuirt àrd-ghàirnealair a' chaisteil, Dàibhidh MacIllEathain.

"Tha an sgathadh ri dhèanamh, tha obair-glanaidh ri dhèanamh, togail nan duilleagan, agus tha gu leòr de gheadagan ùra a tha sinn air tionndadh.

"Chan e dìreach a bhith a' taghadh rudan gun diù. 'S ann a dh'fheumas tu coimhead ris na dathan, àirde nan lusan, cuin a thig iad fo bhlàth, co-dhìu tha boladh math àsta, agus ma thà tha thu airson an cur cois a' cheuma.

"Tha tòrr obrach an lùib a' ghnothaich san dòigh sin," thuirt e.

Sin na thathas a' dèanamh am bliadhna. Ach tha sùil aca air adhart chun a' Gheamhraidh seo tighinn, nuair a dh'fheumas siostam dealain a' chaisteil air fad ùrachadh.

A dh'aindeoin na cosgais a tha an lùib a' chaisteil, chan eil teagamh nach eil e a' cur ri eaconamaidh an eilein.

Tha còrr is 50 duine ag obair ann tro na mìosan as trainge - am fastaichear prìobhaideach as motha san eilean.

Cho fad 's a tha Leòdaich bho air feadh an t-Saoghail mhòir deònach tighinn agus beagan a phàigheadh airson dachaigh shinnsireil na fine aca fhaicinn, mairidh an dùn air a' chreig iomadh bliadhna fhathast.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.