Clàr RockNess air ainmeachadh

  • 31 Am Faoilleach 2013
Jessie Ware Image copyright Getty Images
Image caption Sheinn Jessie Wares aig cuirm mhòr de dh'actaichean ùra a chùm MTV ann an New York.

Bidh Basement Jaxx, Ellie Gouding, Madness agus a' bhuidheann dannsa-rap Example, a' cluich aig fèis chiùil RockNess na bliadhna seo.

A thuilleadh orra sin, chaidh fhoillseachadh gum bi The Vaccines, Bombay Bicycle Club, The Maccabees, Newton Faulkner, agus an còmhlan à Glaschu Camera Obscura a' nochdadh aig an fhèis.

Bidh an seinneadair Jessie Ware, a nochd aig cuirm 2013 Artists to Watch aig MTV ann an New York, ann cuideachd.

Tha RockNess air a chumail gach bliadhna ann an Dubhras, aig ceann an ear-thuath Loch Nis, eadar 7mh agus 9mh an t-Ògmhios.

"Tha mi fìor thoilichte a bhith ag innse nan ciad ainmean a bhios a' nochdadh aig a' phartaidh as t-Samhradh aig Loch Nis," thuirt stiùiriche na fèise, Jim King.

"Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh air cùl ghnothaichean gus clàr measgaichte de na h-actaichean as fheàrr a thoirt dhuibh, mar a bhiodh dùil an còmhnaidh aig RockNess," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile