Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Referendum

Tha an dà chompanaidh phrìobhaideach a tha os cionn nan iomairtean anns an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba, ag ràdh gum bi iad fosgailte agus soilleir mu cò às a tha an t-airgead aca a' tighinn. Dh'iarr Coimisean an Taghaidh air Yes Scotland agus Better Together a bhith nas fhollaisiche, an dèidh mar a gheall iad roimhe gun innseadh iad air na làraichean-lìn aca cò às a bha na tabhartasan aca a' tighinn - rud nach do rinn iad fhathast. Thuirt labhraiche bhon bhuidhinn Yes Scotland gum biodh iad a' bruidhinn ris a' bhuidhinn Better Together an-diugh fhèin airson ceann-là aontachadh air cuin a dheadh na tabhartasan fhoillseachadh.

Prìs a' Chonnaidh

Thèid coinneamh shònraichte a chumail ann an Glaschu an-diugh a dh'fhaicinn a bheil dràibhearan a' faighinn buannachd à sgeama a tha ag ìsleachadh cìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan agus ann an sgìrean iomallach de Thìr Mòr. Bidh ministearan an Riaghaltais an làthair còmhla ri oifigich Roinn an Ionmhais agus Oifis na Malairt Cothromaich, 's iad a' rannsachadh ghearainnean nach eil an lasachadh de 5sg anns an liotair air prìs a' pheatroil gus an diesel ìsleachadh mar a bha dùil.

Na Bancaichean

Dh'fhaodadh gum bi aig bancaichean ri roinn eile de dh'airgead-dìolaidh a phàigheadh air ais do ghnìomhachasan beaga na dùthcha. Tha e air a thighinn am follais gun deach àrachas sònraichte a reic ri gnìomhachasan beaga nach deach a mhìneachadh mar a bu chòir, a rèir Ùghdarras nan Seirbheisean Ionmhais (FSA). Bha an àrachas ag amas air gnìomhachasan a dhìon bho chosgaisean mòra nan tigeadh àrdachadh ann an ìre an rèidh.

Siria

Thuirt an Ruis gu bheil dragh mòr orra mu aithrisean air telebhisean na stàite ann an Siria gu bheil plèanaichean cogaidh Israelach air bomaichean a leigeil air ionad-rannsachaidh airm an iar-thuath air Damascus. Thuirt iad gu bheil na h-Israelich air sgrios a dhèanamh air cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte.

Tubaistean-rathaid

Bhàsaich aon duine agus chaidh fear eile a dhroch ghoirteachadh an dèidh tubaist-rathaid ann an iar-dheas na h-Alba. Cha robh ach aon chàr an sàs anns an tubaist, a thachair air rathad an A709 eadar Dùn Phris agus Locarbaidh. Tha na Poilis a' sireadh fianaisichean. Agus thuirt Poilis ann an Leòdhas gun robh aon chàr an sàs ann an tubaist-rathaid gu deas air Steòrnabhagh madainn an-diugh faisg air ceann-rathaid Àranais. Thuirt iad ge-tà, nach deach duine a ghoirteachadh anns na tubaist.