Coinneamh mu sgeama connaidh

Pumpa-Peatroil Thathas airson faicinn co-dhiù fhuair dràibhearan buannachd às an sgeama.

Cumaidh Oifis na h-Alba coinneamh shònraichte ann an Glaschu Diardaoin, a dh'fhaicinn a bheil dràibhearan a' faighinn buannachd à sgeama a tha ag ìsleachadh Cìs a' Chonnaidh ann an eileanan agus sgìrean iomallach de Thìr Mòr na h-Alba.

Bidh ministearan an Riaghaltais an làthair, cuide ri oifigich Roinn an Ionmhais agus Oifis na Malairt Cothromaich, 's iad gu bhith a' ceasnachadh riochdairean bho na companaidhean agus na stèiseanan connaidh mu ghearainnean nach eil nach eil an lasachadh de 5sg an litear air prìs a' pheatroil 's an diesel ìsleachadh mar a bha dùil.

"Tha mise airson gun tuig sinn dè tha a' tachairt anns gach ceum on ionad-giollachd gu tanca càr aig duine sam bith anns na h-Eileanan an Iar," thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a bhios aig a' choinneimh.

"Tha mi a' smaointinn nuair a thuigeas sinn sin, gum bi fios againn nas fheàrr air cò a tha a' gabhail an airgid, agus càite a bheil an t-airgead a' dol.

"Chan eil e soilleir an-dràsta idir, agus chan eil e air a bhith soilleir o chionn grunn bhliadhnaichean.

"Ach tha mi a' smaointinn gu bheil e mean air mhean a' fàs nas fheàrr," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.