Dàn na Sgoil Eòlais

Sgoil Eòlais na h-Alba Tha dragh ann mu na dh'èireas don chruinneachadh, agus Oilthigh Dhùn Èideann airson a ghluasad.

Nochd beachd gum bu chòir do thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba a bhith air a cumail ann an àite a bhuinneas don rìoghachd far am biodh e comasach do dhaoine tadhail oirre gus na th' ann fhaicinn dhaibh fhèin.

Thàinig am beachd bho Mhòrag NicLeòid, a chuir iomadach bliadhna seachad ag obair don Sgoil Eòlais.

Tha draghan air èirigh mu na dh'fhaodadh a bhith an dàn don chruinneachadh luachmhor, a thòisich bho chionn còrr is 60 bliadhna, leis gu bheil Oilthigh Dhùn Èideann airson Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba a ghluasad gu togalach ùr, còmhla ri roinnean eile.

Tha i an-dràsta stèidhichte air Ceàrnag Sheòrais ann an Dùn Èideann.

Gàidhlig 's a' Bheurla Ghallda

Tha an cruinneachadh a' gabhail a-steach chlàraidhean beul-aithris a chaidh a chruinneachadh bho iomadach sgìre ann an Alba, nuair a bha eòlas air beul-aithris fhathast cumanta.

Nam measg tha iomadach òran Gàidhlig, agus clàraidhean den fheadhainn mu dheireadh a bhruidhinn cuid de dhual-chainntean na Gàidhlig, gu h-àraid dual-chainntean Tìr Mòr.

Tha sin a thuilleadh air mòran beul-aithris ann an diofar dhual-chainntean den Bheurla Ghallda.

Start Quote

Chan iarrainn gum biodh e ann am bad sam bith eile ach ann an Dùn Èideann”

End Quote Mòrag NicLeòid

B'e Calum Mac Gill-Èain, bràthair Shomhairle am bàrd, a thòisich an cruinneachadh, còmhla ri Seumas Mòr MacEanraig (Hamish Henderson).

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil daoine cho eòlach air, tha mi a' smaoineachadh, 's a bu chòir dhan rìoghachd a bhith," thuirt a' Bh.Ph. NicLeòid.

"Tha an-dràsta seinneadairean a' dèanamh tòrr feum de Thobar an Dualchais a tha ceangailte ri Sgoil Eòlais na h-Alba.

"Tha mi gu mòr den bheachd gur e àite a bhuinneadh dhan rìoghachd air fad a bu chòir a bhith ann an Sgoil Eòlais na h-Alba.

"Le bhith ag ràdh sin, cha bhiodh i ann thuige seo mur a b'e gun robh an oilthigh air a gabhail os làimh an toiseach.

"Ach nuair a thòisich teagasg suas gu ìre PhD, dh'atharraich cùisean gu mòr.

"Tha mise a' smaoineachadh gum biodh e math nam biodh an cruinneachadh ann an àite mar a tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

"Chan iarrainn gum biodh e ann am bad sam bith eile ach ann an Dùn Èideann, on a tha eachdraidh aige ann an Dùn Èideann," thuirt i.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.