Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum na Neo-eisimeileachd

Dh'fhoillsich Coimisean nan Taghaidhean a' chomhairle aca mu mar a bu chòir an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a bhith ga ruith. Thuirt iad gum bu chòir atharrachadh a thighinn air a' cheist a nochdas air a' phàipear-baileit, agus gum bu chòir dha a bhith ceadaichte barrachd a chosg air na h-iomairtean na bha ministearan Albannach a' moladh. Tha an Coimisean a' moladh ceist a bhios a' faighneachd "Am bu chòir do dh'Alba a bhith an dùthaich neo-eisimeilich."

Prìs a' Chonnaidh

Thuirt rannsachadh Oifis na Malairt Cothromaiche air prìsean connaidh na Rìoghachd Aonaichte gu bheil co-fharpais ag obair mar is còir anns an dùthaich. Thòisich an rannsachadh an dèidh mar a thog buidhnean draghan an-uiridh, nam measg an AA, a thuirt nach robh dràibhearan idir a' faighinn buannachd nuair a bha mòr-phrìs a' chonnaidh a' tuiteam. Ach fhuair an aithisg on OFT nach robh mòran fianais dheth sin.

A' Ghaoth

Tha a' ghaoth a' socrachadh beagan gu ìre an dèidh mar a bhuail stoirm is gèiltean air ceann a tuath agus taobh siar na h-Alba tron oidhche. Chaidh a' ghaoth a chlàradh aig 84msu ann an Uibhist a Deas. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu taigh anns an t-Òb anns na Hearadh, far an do leag a' ghaoth cliathaich taighe. Tha CalMac air innse gun deach an seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh madainn an-diugh a chur dheth, ach gu bheil iad an dòchas aon sheirbheis a ruith a' fàgail Ulapuil aig 5:30f a-nochd. Agus tha na h-uiread de sheirbheisean eile air an cur dheth cuideachd. Ma tha sibh am beachd siubhail 's fhaich sùil a chumail air làrach-lìn ChalMac.

Màli

Thuirt an t-Arm Fraingeach gu bheil na feachdan aca air a dhol a-steach air baile Kidal, am baile mòr mu dheireadh a th' ann an làmhan reubaltach Ioslamach ann an ceann a tuath Mhàli. Tha aithrisean ann gun deach aig itealan Fraingeach air laighe aig port-adhair a' bhaile, agus gun deach na h-itealain aca fhaicinn os cionn a' bhaile cuideachd.

Algeria

Thèid am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gu Algeria an-diugh far an robh Breatannaich am measg na chaill am beatha nuair a chaidh ionad-gas a ghabhail thairis le ceannarcaich Mhuslamach. Coinnichidh Mgr Camshron ri ceannardan na dùthcha airson chòmhraidhean mu dè gabhas a dhèanamh mu radaigeachd Mhuslamach ann an ceann a tuath agus iar-thuath Afraga.

Itealain Typhoon

Dhearbh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tòisichear a' gluasad nan itealan-cogaidh Typhoon à RAF Luachair ann am Fìobha gu ruige Inbhir Losaidh ann am Moireibh ro dheireadh na bliadhna. Bidh na Typhoons a' gabhail thairis bho na h-itealain Tornado, a th' air a bhith stèidhichte aig Inbhir Losaidh fad 20 bliadhna, agus a thèid a thoirt a-mach à seirbheis ann an 2015.