Itealain Typhoon a’ dol a Mhoireibh

  • 30 Am Faoilleach 2013
Typhoon Image copyright MOD
Image caption Tha na h-itealain an-dràsta stèidhichte aig RAF Luachair ann am Fìobha.

Dhearbh Riaghaltas Westminster gun gluais plèanaichean Typhoon a tha an-dràsta aig RAF Luachair ann am Fìobha gu RAF Inbhir Losaidh aig deireadh na bliadhna.

Tha seo mar phàirt de dh'atharrachaidhean a bhios a' gabhail àite aig ionadan Feachd an Adhair air feadh na dùthcha.

Chan eil fada bho bha dragh ann gun dùineadh RAF Inbhir Losadh mar phàirt de ghearraidhean dìon Riaghaltas Westminster, ach aocoltach ri Ionad Chinn Lois, chaidh a shàbhaladh.

Airson timcheall air 20 bliadhna, bha bomairean Tornado an Inbhir Losaidh, ach thèid iad sin a chur a-mach à seirbheis ann an 2015.

A-nis, tha Ministear nam Feachdan Armaichte, Anndra Robatham, air innse gun tèid plèanaichean Typhoon gu Inbhir Losaidh.

Bidh an dà sguadran - àireamh a h-aon agus àireamh a sia - an urra ri dèiligeadh ri plèanaichean a tha air am meas nan cunnart do Bhreatainn.

Bidh iad cuideachd ri fhaotainn airson taic a thoirt dha feachdan na Rìoghachd Aonaichte air feadh an t-Saoghail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile