Bàs san Apainn

  • 29 Am Faoilleach 2013
Dr Tim Boyd
Bha an Dr Boyd ag obair aig Ionad Saidheans na Mara faisg air an Òban.

Tha luaidh ga dhèanamh air fear-saidheans à Port na h-Apann an Earra-Ghàidheal a bhàsaich às dèidh dha a bhith air a ghlacadh ann an stoirm dealanaich.

Bha Timothy Boyd, 54, a bha pòsta le dithis chloinne, a-muigh a' coiseachd san Apainn faisg air Caisteal an Stalcaire Didòmhnaich nuair a chaidh a mharbhadh.

Chaidh a lorg air an talamh às dèidh do stoirm a bhith ann agus tha na poilis den bheachd gur e dealanaich a mharbh e.

Bha Mgr Boyd na fhear-saidheans aig Comann Saidheans-mara na h-Alba faisg air an Òban. Roimhe sin, bha e ag obair aig Oilthigh Oregon.

Thuirt an Comann gun robh iad a' caoidh Mhgr Boyd agus gu bheil iad a' cuimhneachadh air a mhaoi agus a dhithis nighean.

Tha Comhairle Coimhearsnachd na Apann an dèidh bhith a' dèanamh luaidh air cuideachd.

Bha droch naidheachd eile aig an ionad mhara air a' mhìos seo - bha Crìsdean Bell, 24, a chaidh a chall sa mhaoim-sneachda a mharbh ceathrar an Gleann Comhann na oileanach ann.

Bidh aithisg mu bhàs Mhgr Boyd a' dol gu Neach-casaid a' Chrùin.