Sgeama ùr slàinte do sgìrean dùthchail

  • 28 Am Faoilleach 2013
Carbad-eiridinn
Image caption Tha sgeama eadar-amail air a bhith an sàs san sgìre o chionn bliadhna.

Chaidh sgeama pìolat ùr airson seirbheisean slàinte a thoirt seachad ann an coimhearsnachdan dùthchail a chur air bhog Diluain, agus Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, a' tadhail air Àird nam Murchan.

Bidh na coimhearsnachdan fhèin an sàs anns an sgeama ùr, a bhios ag amas air modal ùr a lorg airson slàinte ann an sgìrean dùthchail, fo sgèith NHS na Gàidhealtachd.

Dheadh am modal ùr sin an uair sin a leudachadh a-mach air feadh na h-Alba, le atharrachadh air rèir fheumalachdan gach sgìre.

Bha Mgr Neil a' tadhail air Cille Chòmhghain ann an Àird nam Murchan, far a bheil ceist air a bhith mu choinneimh sheirbheis shlàinte na sgìre o chionn ùine.

Bailtean agus Tuath

Dh'fhàg an nurs agus dithis dhotairean a bha stèidhichte san sgìre o chionn bliadhna, rud a dh'fhàg nach robh nurs nas fhaisge na 30 mìle, air rathad cumhang slaodach.

Chuireadh sgeama air dòigh san eadar-ama airson seirbheis slàinte a chumail ris an sgìre, leis a' choimhearsnachd an sàs ann a bhith ga lìbhrigeadh.

Rinn Mgr Neil moladh air an sgeama sin, agus thuirt e gu bheil dùil gun lean e, le dùil gun tèid dithis phroifeasantach a th' air an dreuchdan a leigeil dhiubh an lùib an sgeama cuideachd an ceann ùine nach bi fada.

"Tha mi gu daingeann airson 's gum i seirbheis slàinte a tha sàbhailte agus maireannach aig a h-uile coimhearsnachd ann an Alba," thuirt Mgr Neil.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' cluinntinn phlanaichean NHS na Gàidhealtachd airson an sgeama seo, agus ri bhith a' faicinn nam molaidhean a thig àsta.

"Tha mi an dùil gum buail seo chan ann a-mhàin air sgìrean iomallach, ach gum biodh e iomchaidh fheuchainn ann am bailtean na dùthcha cuideachd," thuirt e.

Thuirt Stiùiriche Obrach na sgìre aig NHS na Gàidhealtachd, Gill Nic a' Phiucair, gun tug turas Mhgr Neil cothrom do luchd-obrach slàinte san sgìre innse dha mar a bhios iad ag obair.

"Thug an luchd-obrach eisimpleirean dha air na bhios iad a' dèanamh, agus cuideachd cuid de na h-adhbharan gum feum modalan seirbheis atharrachadh san àm ri teachd," thuirt i.

"Tha NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, coimhearsnachdan ionadail agus com-pàirtichean gus modalan eadar-dhealaichte airson an ama ri teachd a sgrùdadh agus a thomhas.

"Chan eil dùil againn ri rèite a lorg a bhios a' freagairt air a h-uile sgìre, ach tha dùil againn gun tig bun-phrionnsapalan am bàrr a bhios a' bualadh air a h-uile sgìre," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile