Sreapadair air ainmeachadh

  • 28 Am Faoilleach 2013
Ben St Joseph Image copyright Anglia Press Agency
Image caption Thathas a' tuigsinn gun robh Mgr St Joseph a' sreap na aonar nuair a thuit e.

Dh'ainmich Poilis a' Chinn a Tuath sreapadair a bhàsaich an dèidh dha tuiteam air Beinn Nibheis Disathairne.

B'e Ben St Joseph, a bha 22 agus a bhuinneadh do dh'Essex ann an Sasainn.

Thathas a' tuigsinn gun robh e a' sreap na aonar air a' bheinn nuair a thuit e mu 100 meatair (330tr) bho Tower Ridge gu clais a bha foidhe.

Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu 11:00m Disathairne, le buidheann de shreapadairean a bha san sgìre aig an àm, agus a chunnaic e 's e a' tuiteam.

Thèid aithisg air a' chùis a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin.