Rùnaire na Slàinte ann an Àird nam Murchan

  • 28 Am Faoilleach 2013
Cille Chòmhghain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhàg nurs agus dithis dhotairean an sgìre o chionn bliadhna.

Tha cuideam ga chur air Rùnaire na Slàinte airgead a chur an dàrna taobh airson seirbheis taobh a-muigh nan amannan àbhaisteach don choimhearsnachd as fhaide an iar air Tìr Mòr.

Tadhlaidh Ailig Neil air Cille Chòmhghain ann an Àird nam Murchan Diluain, bliadhna bho dh'fhàg nurs agus dithis dhotairean an sgìre.

Dh'fhàg sin nach robh seirbheis-slàinte stèidhichte anns an sgìre, agus gun robh an nurs as fhaisge stèidhichte còrr is 30 mìle air falbh air rathad fada, cumhang nach eil ann an deagh staid.

Chuir Rùnaire na Slàinte aig an àm, Nicola Sturgeon, seirbheis ùr taobh a-muigh nan amannan àbhaisteach air dòigh.

Fon t-siostam sin tha luchd-cobhair meidigeach on choimhearsnahd a' dèanamh cobhair air daoine gus an tig an dotair neo an carbad-eiridinn.

Thug sin piseach mòr air an t-suidheachadh, ach tha ceist a-nis mu choinneimh na seirbheis ùire.

Tha a' choimhearsnachd a' sireadh gealltanais bho Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, gun cùm an t-seirbheis a' dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile