Leasachadh san amharc an Horgabost

Rubha Romagaidh Seo an leasachadh a th' anns an amharc faisg air Horgabost. Dealbh bho Urras Taobh Siar na Hearadh.

Dh'fhoillsichear planaichean mionaideach airson leasachadh ùr aig Rubha Ròmagaidh faisg air Horgabost anns na Hearadh.

Tha Urras Taobh Siar na Hearadh am beachd ionad coimhearsnachd, ionadan gnìomhachais, goireasan son luchd-turais agus taighean a bhios rim faighinn air prìsean cothromach a thogail anns an sgìre.

Thathas an dòchas gum faigheadh iad dealan à crann gaoithe 50kw.

Aig bùth-obrach oidhche Dhiardaoin bha cothrom ann sùil a thoirt air dè dìreach a tha fainear dhaibh.

'S e an ath-cheum a-niste cead-dealbhachaidh fhaighinn gus na planaichean a ghluasad air adhart.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.