Sgoilearan Chaol Àcain dhan Phloc

Drochaid an Eilein Sgitheanaich Bidh sgoilearan à Caol Àcain a-nise a' siubhail tarsainn air an drochaid gu Àrd-sgoil a' Phluic.

Chaidh aontachadh gun tèid sgire Chaol Àcain san Eilean Sgitheanach a chur ann an sgire sgoile Àrd-sgoil a' Phluic.

Bha Caol Acainn thuige seo ann an sgìre sgoile Àrd-sgoil Phort Rìgh, a tha deich mìle fichead air falbh.

Chan eil Àrd-sgoil a' Phluic ach seachd mìle bho Chaol Àcain.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faigh sgoilearan à Caol Àcain bus-sgoile dhan Phloc.

Faodaidh sgoilearan à Caol Àcain a tha mar thà ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh leantainn orra an sin, is bidh bus-sgoile ann dhaibh.

Fàilte

Chuir Ceannard Àrd-sgoil a' Phluic, Donnchadh Feargasdan, fàilte air an naidheachd.

"Tha mi air leth toilichte leis a' cho-dhùnadh", thuirt e.

"Tha na pàrantan a' gabhail ris agus tha e a' dol a shàbhaladh ùine airson na cloinne a' tighinn dhan sgoil.

"Cuideachd, tha an aon cheannard air Bun-sgoil a' Chaoil agus Bun-sgoil Chaol Àcain, mar sin airson obair còmhla ris na bun-sgoiltean tha e a' dol a bhith feumail cuideachd", thuirt e.

Bidh Caol Reatha a' dol mar phàirt de sgìre sgoile Bun-sgoil an Ath-Leathainn is mar sin thèid sgoilearan à Caol Reatha gu Àrd-sgoil Phort Rìgh, mar a bha iad.

Thèid na h-atharrachaidhean a chur an sàs bho thoiseach na h-ath-bhliadhna sgoile san Lùnasdal 2013.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.