Suas ri £13m son sgoil Phort Rìgh

  • 24 Am Faoilleach 2013
Port Rìgh
Cosgaidh pròiseict son bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh eadar £11m is £13m.

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach a' phròiseict gus bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh a chur sa phrògram chalpa airson 2015/2016 aig cosgais suas ri £13m.

Tha a' chomhairle a-nise a' coimhead gum biodh osdail son Àrd-Sgoil Phort Rìgh an cois nam planaichean.

Cosgaidh a' phròiseict eadar £11m is £13m.

Ghabh a' chomhairle ris nach tig an t-airgead air fad bho Riaghaltas na h-Alba agus gum feum iadsan airgead a chur an darna taobh.

Tha iad a suileachadh gun tig mu £4m bhon Riaghaltas, a' fàgail bearn de £7m co-dhuibh.

Thuirt Faye NicNèill bho Chomann nam Pàrant ann am Port Rìgh nach bi an sgoil ann a-nise gu 2018 aig a' char as traithe.

Thuirt i mar sin gum bi aona bliadhna deug ann co-dhuibh bho thogadh a' chùis aig Comhairle na Gàidhealtachd an toiseach mus bi bun-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile.

Tha i ag ràdh gun cuir an dàil air an sgoil bacadh air fòghlam ann an Gàidhlig sa bhaile.

Cùram

"Gheall a' chomhairle gum biodh cùram fad an là anns an sgoil Ghàidhlig agus tha sinn ann an dòigh air a bhith a' feitheamh airson sin airson seirbheis a tha co-ionnan ris an t-seirbheis a thaobh na Beurla", thuirt i.

"An-dràsta, tha an t-uamhas phàrantan - gu h-àraidh ma tha iad ag obair làn-ùine - tha iad a' roghainneachadh seirbheis ro-sgoile tron Bheurla a ghabhail o chionns nach eil an leithid ann a thaobh na Gàidhlig.

"Mar sin tha cuid an-dràsta a' gabhail taobh na Beurla air sgàths nach eil seirbheis ann son ro-sgoile aig an aon ìre air taobh na Gàidhlig.

"S ann mar as fhaide a thig dàil air an sgoil Ghàidhlig, 's ann a tha sinn a' call barrachd dhaoine a dh'fhaodadh agus a bhiodh airson a dhol gu taobh na Gàidhlig", thuirt i.

Thuirt a' bhean-phosta NicNèill gu bheil an dàil na tàmailt is gu bheil tòrr air cothrom a chall air a sàilleabh.

"Bha a' chlann agam fhìn 2 is 3 nuair a gheall a' chomhairle gun rachadh iad air adhart le sgoil Ghàidhlig.

"A-nise tha coltas ann gum bi iad air am bun-sgoil fhàgail fìus mus bi sgoil Ghàidhlig ann", thuirt i.