Gearraidhean ùra an Earra-Ghàidheal

  • 23 Am Faoilleach 2013
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Image caption Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag amas air sreath mhòr de ghearraidhean eadar seo is 2020.

Foillsichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid molaidhean mionaideach airson am buidseat Diardaoin is gearraidhean ùra san amharc.

Thèid am buidseat a stèidheachadh gu h-oifigeil aig coinneamh an ath-mhìos.

Tha a' Chomhairle ag amas air £40m a shàbhaladh thar nan seachd bliadhna ri thighinn.

Dh'aontaich coimhairlichean san Damhair ri doigh ùr am buidseat a stèidheachadh is iad a' coimhead air suidheachadh ionmhais an ùghdarrais gu 2019/20.

Chaidh buidseat mionaideach ullachadh airson 2013/14 a thuilleadh air geàrr-chunntasan air buidseatan airson an dà bhliadhna às dèidh sin.

Ro-shealladh

Chaidh cuideachd ro-shealladh a dhèanamh air na bliadhnaichean gu 2019/20.

Bidh a' Chomhairle ag amas air mu £5.8m a chùmhnadh gach bliadhna.

Thuirt Ceannard Ionmhais Earra-Ghàidheal is Bhòid, Seumas Robb, gun do bhruidhinn comhairlichean ri buidhnean poilitigeach, luchd-obrach agus na h-aonaidhean-ciùird agus gun robh moladh ann airson an dòigh sa bheil iad a' stèidheachadh am buidseat.

Dh'aidich Mgr Robb cuideachd gum bi co-dhùnaidhean doirbh mu choinneamh na Comhairle a-thaobh an gabh seirbheisean na Comhairle air fad glèidheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile