Iomairt mhòr dhrogaichean aig tuath

Drogaichean Fhuaireadh drogaichean luach £20,000 thairis air deireadh-sheachdain.

Chaidh oifigearan bho Phoilis a' Chinn a Tuath an sàs ann an iomairt mhòir an aghaidh dhrogaichean air Merseyside agus ann an Inbhir Nis.

Bha iad nam pàirt de dh'iomairt air a bheil 'Operation Able' a tha ag amas air malairt dhrogaichean Clas A ann an ceann a tuath na h-Alba, agus an dol-a-mach aig gràisg eucorra ann an iar-thuath Shasainn.

A bharrachd air Poilis a' Chinn a Tuath, bha Poilis Mherseyside is Poilis Cheann a Deas na Cuimrigh an lùib na h-iomairt, còrr air 70 oifigear uile gu lèir.

Bha dà iomairt an lùib na cùise eadar an 18mh is an 21mh den mhìos seo, tè ann am Merseyside, agus tè ann an Inbhir Nis.

Chaidh drogaichean luach £20,000 a lorg aig deas, a' gabhail a-steach heroin, crack cocaine is amphetamine.

Chaidh dusan duine a chur an grèim.

Rinn poilis cuideachd sgrùdadh ann an grunn thaighean ann an Inbhir Nis is thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

"Chaidh an iomairt seo a stèidheachadh gus a bhith ag amas air daoine a tha a' toirt heroin a-steach dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan," thuirt an t-oifigear a tha os cionn na h-iomairt, An Detective Árd-Inspeactor, Mìcheal Mac an t-Sutharlannaich.

"Leanaidh an obair seo agus 's e eisimpleir air leth a th' ann air mar a bhios sinn ag obair còmhla ri poilis aig deas gus smachd fhaighinn air trioblaidean a thaobh dhrogaichean," thuirt e.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath ag ràdh gun deach heroin luach £100,000 a thoirt far nan sràidean bho thòisich Operation Able.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.