Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean an MOD

Dh'fhoillsich Ministreachd an Dìon sreath eile de ghearradh cosnaidh san Arm. Caillidh 5,300 saighdear an cosnadh an turas seo le dùil ri tuilleadh ghearraidhean an ceann ùine. Thig air barrachd dhaoine an cosnadh fhàgail an aghaidh an toil an turas seo na bh' anns an dà chuairt de ghearraidhean mu dheireadh, ach bidh dìon ann air feadhainn a th' ann an Afganastan, no ag ullachadh airson a dhol ann. Thuirt Rùnaire Dìon nan Làbarach, Jim Murphy, nach eil esan a' tuigsinn poileasaidh an Riaghaltais aig àm nuair a tha cunnartan as ùr ann do thèarainnteachd na dùthcha.

Lindsay Sandiford

Tha Oifis nan Dùthchannan Cèine a' coinneachadh an-dràsta 's iad a' deasbad mar a chuir cùirt ann an Indonèisia binn bàis air boireannach Breatannach airson còig cileagram de chocaine a thoirt a-steach gu Bàli. Chuir an co-dhùnadh iongnadh air mòran, oir cha robh luchd-casaid ag iarraidh ach 15 bliadhna sa phrìosan mar bhinn air Lindsay Sandiford, a tha 56, agus a bhuinneas do Gloucestershire.

Baghdad

Bha sreath de dh'ionnsaighean boma sa phrìomh bhaile ann an Iorac, Baghdad. Tha aithrisean ann gun deach co-dhiù 16 duine a mharbhadh.

Sneachda

Tha sneachda trom a' fàgail mu 100 sgoil dùinte ann an ceann an ear-thuath Alba an-diugh a-rithist. Tha sgoiltean dùinte cuideachd air Machair Aonghais, am Fìobha agus anns na Crìochan. Tha cathadh a' dèanamh trioblaid air na rathaidean ann an Siorrachd Obar Dheathain 's ann am Moireibh, agus tha Poilis Roinn a' Mhonaidh ag iarraidh air daoine gun dràibheadh mur a bheil èiginn ann.

Dealan an Rubha

Chaidh an dealan a thilleadh gu mu 1,000 dachaigh san Rubha ann an Leòdhas. Chaidh e dheth mu 07:20m, agus thill e a-rithist goirid an dèidh 09:00m. Thuirt SSE gu bheil iad duilich mun trioblaid, agus dh'iarr iad air daoine an leisgeul a ghabhail.

Bàtaichean-teasairginn

Rinn bàtaichean-teasairginn an RNLI an Alba cobhair air barrachd dhaoine an-uiridh na rinn iad riamh roimhe. Tha na h-àireamhan oifigeil ag ràdh gun do shàbhail iad 1,055 duine ann an 2012, eadar an 46 stèisean a th' aig a' bhuidhinn ann an Alba. Rinn an stèisean as ùire, san Òb anns na Hearadh, a th' aig ìre dheuchainn an-dràsta, cobhair air 25 duine, agus am bàta sin air a gairm a-mach 11 thuras. Thig an RNLI gu co-dhùnadh am bliadhna air an cùm iad stèisean an t-Òib a' dol.