£1.9m do phròiseact Thaigh-staile na Hearadh

  • 21 Am Faoilleach 2013
Ridseard Lochhead
Thadhail Mgr Lochhead air an Tairbeart airson an taic-airgid fhoillseachadh.

Thug Riaghaltas na h-Alba £1.9m de thaic do chompanaidh a tha a' dol a thogail taigh-staile anns na Hearadh.

Bidh Taigh-staile na Hearadh air an Tairbeart, far an robh Rùnaire a' Chaibineit, Ridseard Lochhead, a' tadhail airson an naidheachd fhoillseachadh.

Tha dùil gun tòisich obair air ro dheireadh na bliadhna agus gun cum e cosnadh ri timcheall air 20 duine.

Thuirt cathraiche na companaidh, Anderson Bakewell, gu bheil e toilichte gun do dh'aithnich Riaghaltas na h-Alba gum faigheadh muinntir na Hearadh buannachdan maireannach às an taigh-staile.

Misneachd

Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, fàilte mhòr air an naidheachd.

"'S e taisneanadh mòr misneachd a tha seo bhon roinn phoblaich do rud a dh'fhaodadh, nam bheachdsa, a bhith na thogail mòr do dh'eaconamaidh na Hearadh," thuirt Mgr Allan.

"Tha an taic-airgid seo a' tighinn agus in-ionmhas mòr prìobhaideach airson a' phròiseict air fhoillseachadh o chionn ghoirid.

"'S e an t-airgead a tha Ridseard Lochhead air ainmeachadh tè de na suimean fa-leth a bu mhotha a thugadh às an stòras seo riamh, agus tha i na comharra air cho làidir 's a tha an t-argamaid ghnothachais airson an taighe-staile.

"Bu mhath na Hearadh fhaicinn air mapa uisge-bheatha na h-Alba, leis na thigeadh às de bhuannachdan a thaobh na turasachd agus eile dheth don eaconamaidh.

"Choinnich mi ris a' chompanaidh iomadh turas cheana airson na planaichean aca a dheasbad, agus tha mi a' cur romham sin a chumail a' dol gus am faigh na Hearadh am pròiseact air a bheil e airidh," thuirt e.