Tadhail gu leòr son County is ICT

  • 21 Am Faoilleach 2013
Ivan Sproule Image copyright SNS
Image caption Chuir Ivan Sproule dà thadhal air a' chiad gheama aige do Ross County.

Bha deireadh-seachdain math aig na sgiobaidhean Gàidhealach ann am Prìomh Lìog na h-Alba is Ross County is Caley Thistle Inbhir Nis a' cur seachd tadhail eadar iad.

Thill County air ais gu Pàislig son a' chiad uair bho chaill iad 5-4 an aghaidh St.Mirren san t-Sultain.

Chuir balaich Inbhir Pheofharain ceithir tadhail a-rithist ach an turas seo chum iad gnothaichean gu math nas teanna aig a' chùl.

B' e sgiobair Chounty, Ridsear Brittain, a chuir a' chiad tadhal às dèidh 22 mhionaid, slaic shònraichte bho 25 slat.

Bha St.Mirren co-ionnan tràth san dàrna leth le tadhal bho Steafan MacThòmais agus son treis às dèidh sin bha làmh an uachdair aig sgioba Danny Lennon.

Mearachd

Rinn Dàibhidh Barron mearachd chianail ge-tà, ann an 67 mionaidean - an oidhirp aige am ball a chur air ais dhan fhear-ghlèidhidh aige Craig Samson fada ro ghoirid - is stiùir Sam Morrow am ball seachad air Samson.

Ceithir mionaidean às dèidh sin is ghabh County brath air mearachd eile, Iain Vigurs a' goid a' bhuill bho Iain Robasdan is nuair a ràinig e casan Ivan Sproule chuir esan dhan lìon e.

B' e sin a' chiad tadhal aig Sproule do Chounty (air a' chiad gheama aige dhaibh) is cha robh aige ach feitheamh trì mionaidean son tadhail eile.

Stad Samson oidhirp bho Rocco Quin ach thàinig am ball a-mach gu Sproule is chuir an t-Èireannach dhan lìon e.

4-1 gu County aig a' cheann thall agus le 11 phuing a-nise eadar sgioba Derek Adams agus Dùn Dè tha coltas sàbhailte orra san SPL.

Ann an Inbhir Nis bha cùisean an ìre mhath faisg sa chiad leth eadar Caley Thistle is Obar Dheathain.

Bha cothroman aig an dà sgioba sa chiad leth - le fear de sheann chluicheadaran Inbhir Nis, Johnny Hayes, faisg air tadhal.

Chrìochnaich a' chiad leth gun tadhal is bha Hayes an uair sin faisg a-rithist is Reguero a' cur stad air oidhirp bhon Èireannach às dèidh dha gearradh tro loidhne-dìon Chaley.

Aithreachas

Bha Obar Dheathain a' gabhail aithreachais nach do ghabh iad an cothrom sin, oir chaidh ICT an uair sin air thoiseach ann an 53 mionaidean.

Theich Anndra Shinnie bho Russell MacAndrais sa bhocsa is stiùir e am ball seachad air Langfield is àrd dhan lìon - tadhal sònraichte.

Thàinig tadhal sònraichte eile às dèidh uair de thìde - Dorran agus Draper a' co-obrachadh gus Billy MacAoidh a shaoradh sa bhocsa, is chuir esan dhan lìon e.

Rinn Caley cinnteach air na trì puingean le tadhal eile bho MhacAoidh le dusan mionaid air fhàgail.

Caley Thistle fhathast san dàrna àite san Lìog agus ann an sunnd ron gheama mhòr an aghaidh Hearts ann an Cupa na Lìge Disathairne seo tighinn.