£8,000 do Chomann nam Pàrant Phort Rìgh

  • 18 Am Faoilleach 2013
Port Rìgh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thèid an t-airgead mu choinneimh na goireasan a th' aca a chumail a' dol.

Thuirt Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh gun tèid feum mòr a dhèanamh den taic-airgid a fhuair iad bhon Chrannchur Nàiseanta.

Fhuair iad còrr 's £8,000 gus na Rionnagan Beaga, an Croileagan agus cluba Sradagan a chumail a' dol.

Tha an naidheachd a' tighinn agus an àireamh chloinne a tha a' frithealadh nam buidhnean sin a' sìor èirigh.

"Mar a bha a' tachairt, bha dhà no trì diofar bhuidhnean a' ruith ann am Port Rìgh, aon bhuidhinn a' toirt seachad Rionnagan Beaga, 's buidheann eile a' toirt seachad Cròileagain, 's buidheann eile a' toirt seachad Sradagan," thuirt Ionmhasair Chomann nam Pàrant Phort Rìgh, Faye NicNèill.

"Ach tha sinn air a' h-uile sgàth sin a thoirt cruinn còmhla. 'S e aon chomataidh a th' againn a-niste, 's ann an dòigh tha sinn nas fhasa, ged a tha an uallach nas motha an uair sin air an aon chomataidh.

"Ach tha sinn gu math toilichte an taic-airgid a tha seo fhaighinn, agus nì e diofar mòr dhan bhuidhinn againn a thaobh a bhith a' cumail a' dol nan seirbheisean a tha sinn a' tairgsinn do chloinn a tha fo aois na sgoile.

"Thèid seo an aghaidh a bhith a' cumail a' dol Rionnagan Beaga agus Cròileagain, a tha Comann nam Pàrant a' ruith mar thà.

"Tha sinn airson cumail a' dol a' pàigheadh nan daoine a th' againn, agus a' pàigheadh màil air na seòmraichean a tha sinn a' cleachdadh.

"Tha na h-àireamhan gu math falain, agus tha sinn a' coimhead an-dràsta air seòmraichean a bharrachd no nas motha a bhith againn airson gu h-àraid Rionnagan Beaga.

"Bidh còrr is 20 duine-cloinne a' tighinn a h-uile là a-niste. Tha sin gu math falain," thuirt i.