Fèill Àiteachais an Rubha ann an cunnart

  • 18 Am Faoilleach 2013
Uain is caora
Cumar coinneamh èiginneach air 28mh am Faoilleach feuch buill ùra a chur air a' chomtataidh stiùiridh.

Chaidh rabhadh a thoirt gum faodadh tè de dh'fhèilltean àiteachais Leodhais a dhol à bith leis cho beag de dhaoine 's a tha deònach cuideachadh le bhith ga cumail a' dol.

Tha Fèill Àiteachais an Rubha ga cumail gach samhradh aig an ionad choimhearsnachd san Àird.

Tha duilgheadas aca ge-tà, agus grunn den chomataidh nach urrainn an obair a dhèanamh am bliadhna.

Aig a' choinneimh bhliadhnail goirid ron Nollaig, cha robh e comasach daoine gu leòr a chur air adhart airson a dhol air a' chomataidh.

Tha coinneamh èiginneach a-nis air a gairm, air 28mh am Faoilleach, agus dòchas ann gun nochd daoine ùra a bhios deònach a bhith nam buill air a' chomataidh stiùiridh.