Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buaireadh mu Chàbal a' Chuain Sgìth

18 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buaireadh air èirigh mu na planaichean airson càbal-dealain fon mhuir a bheireadh dealan às na h-Eileanan Siar chun a' Ghriod Nàiseanta air Tìr Mòr.

Chaidh dàil a' chur air a' phlana ron a seo, ach tha eagal a-nis gum bi dàil a bharrachd ann, 's a' chompanaidh SSE, a chuireadh an sàs an càbal, ag ràdh nach eil aonta aca fhathast bho chompanaidhean nan tuathan-gaoithe anns na h-eileanan gum pàigheadh iad air a shon.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' fàgail air SSE gu bheil iad a' cluiche gheamannan.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.