Eaglais ùr Chill Mhàilidh

Eaglais Shaor Chill Mhàilidh Chumar a' chiad sheirbheis san eaglais goirid ron Nollaig.

Sgeulachdan co-cheangailte

Fosglaidh eaglais ùr na h-Eaglaise Saoire ann an Cill Mhàilidh gu foirmeil Dihaoine.

Roghnaich an coithional sa Chaol, Loch Abar, an t-seann eaglais a leagail agus togalach gu tur ùr a chur na h-àite.

San togalach ùr tha àite co-labhairt nas motha, seòmraichean-coinneimh agus rùm son fois, a thuilleadh air café agus ionad-tadhail.

Chosg a' phròiseict £700,000 uile gu lèir

Thàinig £150,000 bho oidhirpean a' choithionail airgead a chruinneachadh.

Fhuair iad iosad de £300,000 bhon Eaglais Shaoir agus thàinig tabhartas de £250,000 bho phròiseict Leader an Aonaidh Eòrpaich.

Ro bheag

Thuirt ministear a' choithionail, an t-Urr. Crìsdean MacRath, gu bheil leudachadh air a thighinn air an àireamh dhaoine às an sgìre, clann nam measg, a tha air a bhith a' tighinn gu seirbheisean agus gu tachartasan leithid bhuidhnean pàrant is pàiste, clubaichean saor-làithean, bùithdean-obrach sgoiltean agus coinneamhan "Road to Recovery".

Start Quote

Bha an seann togalach ro bheag, agus cha robh mòran ghoireasan ann”

End Quote An t-Urr. Crìsdean MacRath

"Bha an seann togalach ro bheag, agus cha robh mòran ghoireasan ann.

"Bheir an togalach seo dhuinn, mu dheireadh thall, àite ùr a tha freagarrach airson na tha sinn airson a dhèanamh ann agus tha sinn an dòchas gur e goireas cudromach a bhios ann dhan choimhearsnachd son bliadhnaichean ri teachd," thuirt Mgr MacRath.

Cumar seirbheis thaingealachd san eaglais ùr air Sràid Ghlenpane oidhche Haoine aig 7:30f.

Bidh là fosgailte ann Disathairne eadar 10:00m agus 4:00f son cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd a dhol innte 's a faicinn.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.